Highers in a Nutshell

Matamataig Àrd-ìre

Tha an t-Sreath Nutshell againn a’ toirt seachad na prìomh fhìrinnean mu Theisteanasan Nàiseanta. Anns an sgrìobhainn seo gheibh thu ar fiosrachadh mu Mhatamataig Àrd-ìre a’ toirt a-steach mion-fhiosrachadh mu mheasadh cùrsa. Anns a’ gheàrr-chunntas, mìnichidh e na dh’ ionnsaicheas do phàiste sa chùrsa agus dè an t-eòlas a bhios aige no aice.

Download PDF

1 page · 356.3 KB

Download

ARD

Matamataig

Susbaint

Bidh an cùrsa a’ leasachadh, a’ doimhneachadh agus a’ leudachadh nan sgilean matamataigeach a tha riatanach aig an ìre seo agus nas fhaide air falbh.

Sgilean

Bidh luchd-ionnsachaidh comasach air:

  • raon de bhun-bheachdan agus dhàimhean matamataigeach iom-fhillte a thuigsinn agus a chleachdadh
  • sgilean obrachaidh a thaghadh agus a chleachdadh ann an ailseabra, geoimeatraidh, triantanachd, calculus agus staitistig taobh a-staigh cho-theacsan matamataigeach
  • taghadh agus cleachdadh sgilean ann an àireamhachd
  • sgilean reusanachaidh matamataigeach a chleachdadh gus fiosrachadh a tharraing agus a mhìneachadh agus modalan matamataigeach iom-fhillte a chleachdadh
  • sgilean reusanachaidh matamataigeach a chleachdadh gus smaoineachadh gu loidsigeach, gus fìreanachadh no dearbhadh a thoirt seachad agus ceistean fhuasgladh
  • conaltradh fiosrachadh matamataigeach le feartan iom-fhillte

Cothroman do Luchd-ionnsachaidh

Bidh luchd-ionnsachaidh comasach air:

  • dòighean matamataigeach a thaghadh agus a chleachdadh ann an diofar shuidheachaidhean matamataigeach
  • misneachd a leasachadh sa chuspair agus sealladh deimhinneach a thaobh tuilleadh ionnsachaidh ann am matamataig agus cleachdadh matamataig ann an cosnadh
  • sgrùdadh domhainn air bun-bheachdan matamataigeach agus na dòighean anns a bheil matamataig a’ toirt cunntas air an t-saoghal againn
  • eadar-mhìneachadh, conaltradh agus riaghladh fiosrachaidh ann an cruth matamataigeach sgilean deatamach airson rannsachadh agus leasachadh saidheansail agus teicneòlach
  • cànan matamataigeach a chleachdadh agus beachdan adhartach matamataigeach a rannsachadh

Measadh

  • Thèid an cùrsa a mheasadh tro dhà phàipear cheistean (deuchainnean), a bhios air an comharrachadh le SQA agus air an rangachadh bho A gu D.
  • Tha pàipear cheistean 1 a’ dèanamh suas 47% den chomharra measaidh iomlan agus pàipear cheistean 2 a’ dèanamh suas 53%.
  • Nì na pàipearan cheistean measadh air tuigse an neach-ionnsachaidh air na pròiseasan bunaiteach a tha an lùib sgilean àireamhach, ailseabra, geoimeatrach, triantanach, calculus, agus reusanachadh.
  • Airson pàipear cheistean 2, le bhith a’ cleachdadh àireamhair a’ toirt barrachd cothrom air cleachdadh agus reusanachadh nuair a tha feum air àireamhachadh nas iom-fhillte gus fuasgladh fhaighinn air duilgheadasan.

Pàipear 1 Neo-àireamhair 1 uair 30 mionaid, 70 comharra

Pàipear 2 Calculator 1 uair 45 mionaid, 80 comharra

Pàipear Sampall www.sqa.org.uk/pastpapers/findpastpaper.htm

Adhartas Faodaidh cùrsaichean àrd-ìre a bhith nan aonar no a’ leantainn air adhart bho theisteanasan Nàiseanta 5 agus faodaidh iad leantainn gu Àrd-Ìre Adhartach, Baccalaureate na h-Alba agus raon de theisteanasan taobh a-staigh Foghlam Adhartach is Àrd-ìre.

Airson fiosrachadh mu chùrsaichean, eisimpleirean de phàipearan-cheistean agus stiùireadh air seann phàipearan tadhal air: Àrd-ìre Matamataig: www.sqa.org.uk/sqa/47910.html Curraicealam airson Sàr-mhathais Prìomh Teirmean is Feartan

Foghlam Alba: https://education.gov.scot/nationalqualifications Tuilleadh Fiosrachaidh do Phàrantan is Luchd-ionnsachaidh Fiosrachadh mu mheasadh, sgilean, adhartas, goireasan ath-sgrùdaidh agus geàrr-chunntasan air Teisteanasan Nàiseanta www.parentforumscotland.org

enquiries@parentforumscotland.org parentforumscotland forumscot

Related publications

Higher Psychology

Our Nutshell Series gives the key facts about National Qualifications. In this document you'll find...

Higher

Higher English

Our Nutshell Series gives the key facts about National Qualifications. In this document you'll find...

Publications Guide

Our new Publications Guide features links to all of NPFS’ resources for parents and learners. It pro...

National 5

Latin (National 5)

Our Nutshell Series gives the key facts about National Qualifications. In this document you'll find...