Higher Highers in a Nutshell

Saidheans Coimpiutaireachd Àrd-ìre

Tha an t-Sreath Nutshell againn a’ toirt seachad na prìomh fhìrinnean mu Theisteanasan Nàiseanta. Anns an sgrìobhainn seo gheibh thu ar fiosrachadh mu Saidheans Coimpiutaireachd Àrd-ìre a’ toirt a-steach mion-fhiosrachadh mu mheasadh cùrsa. Anns a’ gheàrr-chunntas, mìnichidh e na dh’ ionnsaicheas do phàiste sa chùrsa agus dè an t-eòlas a bhios aige no aice.

Download PDF

1 page · 359.8 KB

Download

Saidheans Coimpiutaireachd

TEICNEÒLAS

Susbaint

Tha ceithir raointean sgrùdaidh aig a’ chùrsa:

  • Dealbhadh agus leasachadh bathar-bog.
  • Siostaman coimpiutair.
  • Dealbhadh agus leasachadh stòr-dàta.
  • · Dealbhadh agus leasachadh lìn.

Sgilean

Bidh luchd-ionnsachaidh comasach air:

  • leasachadh agus cleachdadh taobhan de smaoineachadh coimpiutaireachd ann an raon de cho-theacsan co-aimsireil
  • tuigsinn bun-bheachdan agus pròiseasan adhartach ann an saidheans coimpiutaireachd
  • mion-sgrùdadh, dealbhadh, cur an gnìomh agus luachadh raon de fhuasglaidhean didseatach le cuid de thaobhan iom-fhillte
  • bun-bheachdan coimpiutaireachd adhartach a chur an cèill agus giùlan àireamhachd a mhìneachadh gu soilleir agus gu pongail, a’ cleachdadh briathrachas iomchaidh
  • mothachadh a thoirt air gluasadan làithreach ann an teicneòlasan coimpiutaireachd agus a’ bhuaidh aca ann a bhith ag atharrachadh agus a’ toirt buaidh air ar n-àrainneachd agus ar comann-sòisealta

Cothroman do Luchd-ionnsachaidh

Bidh luchd-ionnsachaidh comasach air:

  • tuigsinn prìomh àite proifeiseantaich coimpiutaireachd mar luchd-fuasglaidh dhuilgheadasan cruthachail agus luchd-dealbhaidh, comasach air siostaman bathar-cruaidh is bathar-bog a dhealbhadh, a bhuileachadh agus obrachadh
  • tuigse fhaighinn air a’ bhuaidh fharsaing a tha aig teicneòlas fiosrachaidh air an àrainneachd agus an comann-sòisealta againn
  • leasachadh agus neartachadh sgilean ann am mion-sgrùdadh agus fuasgladh cheistean, dealbhadh, leasachadh, buileachadh, deuchainn agus luachadh bathar-bog is siostam fiosrachaidh

Measadh

  • Thèid an cùrsa a mheasadh tro phàipear cheistean (deuchainn) agus obair shònraichte, a bhios air a chomharrachadh le SQA agus air a rangachadh bho A gu D.
  • Tha luach 110 comharran aig a’ phàipear cheistean agus tha e a’ dèanamh suas 69% den chomharra measaidh iomlan.
  • Tha an obair shònraichte (50 comharra) a’ dèanamh suas 31% den chomharra measaidh iomlan. Tha trì gnìomhan leasachaidh sònraichte ann: dealbhadh bathar-bog, dealbhadh stòr-dàta agus dealbhadh lìn. Bidh luchd-ionnsachaidh a’ faighinn comharran airson sgilean a’ gabhail a-steach: mion-sgrùdadh, dealbhadh, buileachadh, deuchainn agus luachadh.

Pàipear Ceist Earrann 1: Ceistean le freagairtean goirid (25 comharran)

2 uair 30 mionaid

ARD

Earrann 2: Ceistean stèidhichte air co-theacsa a dh’ fheumas cur an sàs

110 comharran

eòlas agus tuigse (85 comharran)

Sònrachadh

Pàipear Sampall www.sqa.org.uk/pastpapers/findpastpaper.htm

Tha an obair air a chrìochnachadh fo stiùireadh agus feumar a dhèanamh 8 uairean

taobh a-staigh 8 uairean. 50 comharra

Adhartas Faodaidh cùrsaichean àrd-ìre a bhith nan aonar no a’ leantainn air adhart bho theisteanasan Nàiseanta 5 agus faodaidh iad leantainn gu Àrd-Ìre Adhartach, Baccalaureate na h-Alba agus raon de theisteanasan taobh a-staigh Foghlam Adhartach is Àrd-ìre.

Airson fiosrachadh mu chùrsaichean, eisimpleirean de phàipearan-cheistean agus stiùireadh air seann phàipearan tadhal air: Àrd-ìre Saidheans Coimpiutaireachd: www.sqa.org.uk/sqa/56924.html Prìomh Teirmean is Feartan Curraicealam airson Sàr-mhathais

Foghlam Alba: https://education.gov.scot/nationalqualifications Tuilleadh Fiosrachaidh do Phàrantan is Luchd-ionnsachaidh Fiosrachadh mu mheasadh, sgilean, adhartas, goireasan ath-sgrùdaidh agus geàrr-chunntasan air Teisteanasan Nàiseanta www.parentforumscotland.org

www.parentforumscotland.org enquiries@parentforumscotland.org f parentforumscotland parentforumscot

Related publications

Higher

Higher Geography

Our Nutshell Series gives the key facts about National Qualifications. In this document you'll find...

Publications Guide

Our new Publications Guide features links to all of NPFS’ resources for parents and learners. It pro...