N5 ESOL
Tha an t-Sreath Nutshell againn a’ toirt seachad na prìomh fhìrinnean mu Theisteanasan Nàiseanta. Anns an sgrìobhainn seo gheibh sibh ar fiosrachadh mu N5 ESOL a’ gabhail a-steach mion-fhiosrachadh mu mheasadh cùrsa. Anns a’ gheàrr-chunntas, mìnichidh e na dh’ ionnsaicheas do phàiste sa chùrsa agus dè an t-eòlas a bhios aige no aice.
Download PDF
1 page · 131.1 KB
NÀISEANTA ANN AN NUTSHELL
Fòram Nàiseanta Phàrant na h-Alba Nàiseanta 5 Geàrr-chunntas
Tha an cùrsa seo freagarrach do dh’fhileantaich na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh aig a bheil eòlas air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
NÀISEANTA 5
ESOL Beurla airson luchd-labhairt chànanan eile Cànain
Dè na sgilean a leasaicheas mo phàiste?
- Sgilean ann an leughadh, èisteachd, labhairt agus sgrìobhadh sa Bheurla
- Comas Beurla a thuigsinn agus a chleachdadh
- A’ cur eòlas air a’ Bheurla an gnìomh
- Cur an sàs eòlas gràmair
- Comas air sgilean mionaideach Beurla a phlanadh, a rannsachadh agus a chur an sàs ann an co-theacsan air a bheil sinn eòlach
- Cleachdadh sgilean Beurla gus fiosrachadh a rannsachadh agus toraidhean a thaisbeanadh
- Sgilean litearrachd
- Tuigse air mar a tha cànan ag obair
- Mothachadh air cultaran eile agus saoranachd eadar-nàiseanta
- Comas air Beurla mhionaideach a chleachdadh gus beachdan agus fiosrachadh a chonaltradh
- Sgilean anailis agus luachaidh
DÈ A DHÈANAMH MO PHÀISTE RI TEACHD RI CÙRSA?
- Ionnsachadh gnìomhach agus neo-eisimeileach tro fhèin-mheasadh agus measadh cho-aoisean, a’ meòrachadh air ionnsachadh, a’ suidheachadh thargaidean, a’ luachadh adhartais, a’ dèanamh cho-dhùnaidhean neo-eisimeileach, a’ cleachdadh fios air ais
- Cothlamadh de dhòighean-teagaisg sa chlas, a’ gabhail a-steach a bhith a’ roinn ionnsachadh tro chòmhradh buidhne is clas; a’ ceangal ionnsachadh ri beatha làitheil, obair agus sgrùdadh; cleachdadh measgachadh de theacsaichean ann an diofar mheadhanan
- Ionnsachadh co-obrachail: a’ conaltradh agus ag obair còmhla ri daoine eile gus gnìomhan a choileanadh; a’ stèidheachadh cultar ioma-chànanach
- Àite airson pearsanachadh agus roghainn: bu chòir ionnsachadh a bhith air a dhealbhadh a rèir feumalachdan luchd-ionnsachaidh m.e. cuspairean co-cheangailte ri obair no cuspairean co-cheangailte ri sgrùdadh
- a’ toirt a-steach sgilean litearrachd: researching and presenting information; a' luachadh; a' deasbad; èisdeachd; a' bruidhinn; leughadh; sgrìobhadh.
MEASADH
- Thèid an cùrsa a mheasadh tro thrì pàipearan cheistean (deuchainnean) agus taisbeanadh, a bhios air a chomharrachadh le SQA agus air a rangachadh bho A gu D.
- Tha Èisteachd (25 comharra), Leughadh (53 comharra) agus Sgrìobhadh (30 comharra) anns na pàipearan cheistean, gus an urrainn do luchd-ionnsachaidh na sgilean sin a thaisbeanadh ann an co-theacsan beatha làitheil, obair agus sgrùdadh. Tha na pàipearan cheistean air an comharrachadh le SQA.
- Tha luach 30 comharra aig a’ choileanadh agus feumaidh luchd-ionnsachaidh còmhradh a bhith aca ann am Beurla, air cuspair a thagh iad, a’ freagairt cheistean is bheachdan iomchaidh. Tha an coileanadh air a chomharrachadh leis an neach-teagaisg agus air a dhearbhadh le càileachd le SQA.
Bidh Nàiseanta 5 a’ dol air adhart gu ESOL Àrd-ìre.
Airson fiosrachadh cùrsa nas mionaidiche:
SQA: ESOL Nàiseanta 5: www.sqa.org.uk/sqa/47411.html Foghlam Alba: https:// /education.gov.scot/nationalqualifications Prìomh Teirmean is Feartan Curraicealam airson Sàr-mhathais: https:// /education.gov.scot/parentzone/Documents/CfEFactfileOverview.pdf
www.parentforumscotland.org enquiries@parentforumscotland.org parentforumscotland parentforumscot